Caidreachas Òran Gàidhlig Mhàiri Mhòr

3 Jun 2003 in Gaelic, Highland, Music

Bha an Caidreachas Òrain Gàidhlig Màiri Mhòr stèidhichte le Comhairle na Gaidhealtachd o chionn còig miosan deug agus tha FIONA NICCHOINNICH, oifigear nan oran, air a bhith ag obair air pròiseactan an sàs le Seinn Gaidhlig.  Tha amasan a’ Chaidreachais airson:

“Seinn Gàidhlig a leudachadh agus a bhrosnachadh, tron Ghaidhealtachd, a bhith na phuing iomraidh airson fiosrachadh sam bith, air òran sam bith tron t-Saoghal, agus cuideachd, sgriobhadh òran ùra  a bhrosnachadh”.  Bidh Fiona stèidhichte ann an Inbhir Pheofharain san Oifis Foghlaim agus tha i  air  torr ùine a chur seachad anns na sgoiltean, a teagasg Seinn Gàidhlig agus a deanamh bùthtean-obrach, ann an órain mar puirt a beul agus órain Luaidh.  Thòisich I buidheann ùr airson nan inbhaich cuideachd – a coinneachadh gach co-là deug .  Thuirt Fiona “Chan e còisir a th’ann idir ach buidheann far am faigh thu òran no dha, an cràic agus dram no dhà!  Bidh sinn ag obair air tòrr diofar sheòrsaichean de dh’òrain – pìobaireachd, puirt, na h-eilythirich, gaol agus luadh nam measg”.

An dràsta, tha i ag obair air leabhar ùr fhoillseachadh de na h-òrain Pìobaireachd ùra agus cuideachd leabhar air Òrain a Siorrachd Rois.  Am measg nam proiseactan eile, tha i ag obair air Comhlan Seinn  a steidheachadh airson Deugairean eadar 14-18 a dh’aois. “Se ‘harmony group’ a bhios ann” thuirt i-“ Cha dean sinn farpaisean – cuirmean-ciuil agus ceilidhean  a mhain.  Cuiridh sinn cuireadh a mach airson  luchd-teagaisg ainmeil a thighinn ann cuideachd airson obair leis na deugairean. Gheibh iadsan cothroman  airson seinn tron Ghaidhealtachd – chan eil iad a faighinn tòrr chothroman coltach ri sin idir an diugh. Tha mi’n dòchas gun teid sinna-null thairis gu Fèis an ath-bhliadhna”.

Nuair nach eil Fiona anns na sgoiltean no ag obair air na ceistean – ‘online’, bidh i a deanamh òraidean-seinn air Màiri Mhòr i fhein agus  bruidhinn aig co-labhairtean tron Ghaidhealtachd.

“Tha an obair seo a cordadh rium gu mòr agus tha mi’n dòchas gun dean mi diofar dhan t-saoghal Seinn Gàidhlig, ann an dòigh sam bith.”
Airson tuilleadh fiosrachadh tha Fiona air 01349 863441 no air fiona.mackenzie2@highland.gov.uk.

English summary:

The Mairi Mhor Gaelic Song Fellowship was established by Highland Council early last year, in collaboration with HI-Arts, Feisean nan Gaidheal, CNAG, SALE and SAC, to develop and encourage participation in Gaelic Song activites throughout the Highlands. According to the Fellow, Fiona Mackenzie, the Fellowship aims to be a reference point for anyone across the world,  who requires information on any aspect of Gaelic Song.

Fiona spends time teaching in schools and conducting workshops as well as working on new Gaelic Song publications and recordings and establishing Community Singing groups.  Fiona also delivers song lectures throughout the Highlands on the great Skye Bardess, Mairi Mhor nan Oran herself.

For more information phone Fiona on 01349 864156, or e mail her at fiona.mackenzie2@highland.gov.uk