Young Musicians Needed!

7 Apr 2011 in Argyll & the Islands, Gaelic, Music

The Argyll Cèilidh Trail offers professional development and performance opportunities for local young musicians. With a training week and two weeks touring Argyll & the Isles in August 2011 this is a ‘holiday job’ with a difference!

Following the outstanding success of previous years, Fèis Latharna is now recruiting up to eight young musicians to create a new band. If you are aged 16 -22, play, sing or dance at an intermediate /advance level and would like to spend part of the summer performing in a variety of venues in your local area please get in touch. Some performance experience would be an advantage.

For further information and application forms please contact: christine@feisean.org     www.feislatharna.org

‘S e cothrom air leth a th’ ann an Cèilidhean air Chuairt an Earra Ghàidheal do dhaoine òga a tha ag iarraidh na sgilean ciùil agus taisbeanaidh aca a leasachadh aig ìre phroifeiseanta. Gabhaidh tagraichean soirbheachail pàirt ann an seachdain trèanaidh agus cuairt timcheall Earra Ghàidheal fad ceala-deug san Lùnastal 2011. Abair obair-shamhraidh!

A’ leantainn air cho soirbheachail ‘s a bha bliadhnaichean eile a’ phròiseict seo, tha Fèis Latharna a-nise a’ sireadh suas gu ochdnar luchd-ciùil òga a thèid an sàs ann an còmhlan-ciùil ùr. Ma tha thu eadar 16-22 agus nad neach-ciùil, seinneadair no dannsair aig ìre eadar-mheadhanach no adhartach agus a’ feuchainn ri obair-shamhraidh a lorg, ciamar a chòrdadh e riut thighinn air chuairt tro Earra Ghàidheal an ann 2011? Bhiodh eòlas air cluiche poblach na bhuannachd.

Airson tuilleadh fiosrachaidh agus foirmichean iarrtais cuir fios gu: christine@feisean.org      www.feislatharna.org

Source: Fèisean nan Gàidheal