Well-known Musicians Train the Next Generation

7 Jul 2011 in Argyll & the Islands, Gaelic, Highland, Music

Well-known Highland musicians have been training up young people from local Fèisean in advance of them taking to the road for 100 events across the Highlands and in Argyll over next few weeks.

 

This summer participants of the Fèis movement will once again take part in Fèisean nan Gàidheal’s Cèilidhean air Chuairt – Slighean Ùra (Cèilidh Trail’s – New Routes) project funded by HIE, The Highland Council, Creative Scotland, Highland LEADER and Argyll LEADER.

 

Fèisean nan Gàidheal’s Chief Executive, Arthur Cormack said: “The Cèilidh Trail project allows young musicians will have the chance to play at many concerts and cèilidhs in contrasting venues, from distilleries to castles, village halls to care homes.  The touring experience will give them an insight to life as a professional musician at the same time as giving them invaluable groupwork and song-writing skills, at the same time as earning money through a summer job that they enjoy!”

 

A successful enterprise that has been running for many years, this years Cèilidh Trailers will be based in six districts: Ross-shire, Skye and Lochalsh, Lochaber, Sutherland, Argyll and Bute and the Cairngorms National Park.

 

The Cèilidh Trailers have kicked off with training at Fèis Alba in Plockton, where participants have worked alongside well-known tutors including Blair Douglas, Anna Massie, Donal Brown and Allan Henderson.

 

Participants will take part in a concert at the Fàs Studio in Sabhal Mòr Ostaig on Thursday 14th July, where they will be joined by the young actors from the Summer Drama School which is taking place in Portree during the same period.

 

The Cèilidh Trail groups will then begin their individual tours, visiting places as far flung as Durness and Applecross, taking in island communities including Mull and Muck.  The concerts are open to all and will be of particular interest to those who enjoy cèilidh dancing.  With the Cèilidh Trailers blazing their way throughout many different venues throughout the Highlands and Islands and Argyll, it’s impossible to miss them!

 

For more information on venues and dates please visit our website http://www.feisceilidhtrails.org

Luchd-ciùil ainmeil a’ toirt taic dhan ath ghinealach

 

Tha luchd-ciùil ainmeil air a bhith a’ toirt trèanadh do dh’òigrdh bho Fèisean eadar-dhealaichte air thoiseach orra a dhol air an rathad airson 100 cuirm air a’ Ghàidhealtachd agus ann an Earra-Ghàidheal anns na seachdainean a tha romhainn.

 

Thairis air mìosan an t-samhraidh, gabhaidh com-pàirtichean nam Fèisean pàirt ann am pròiseact aig Fèisean nan Gàidheal, Cèilidhean air Chuairt – Slighean Ùra air a mhaoineachadh le Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Comhairle na Gàidhealtachd, Alba Chruthachail, LEADER air Ghàidhealtachd agus LEADER Earra-Ghàidheil.

 

Thuirt Art MacCarmaig, Ceannard Fèisean nan Gàidheal: “Tha na Cèilidhean air Chuairt a’ toirt cothrom gu barrachd air 50 cluicheadair òga a dhol air chuairt air feadh na Gàidhealtachd a’ cluich aig tòrr chèildhean ann am measgachadh de dh’àiteachan inntinneach bho thaighean-staile gu caistealan, tallaichean coimhearsnachd gu dachaighean seann dhaoine.  Gheibh com-pàirtichean eòlas air cò ris a tha beatha neach-ciùil proifeiseanta coltach agus eòlas pragtaigeach air cluich mar phàirt de chòmhlan, agus sgrìobhadh òrain, aig an aon àm sam bi iad a’ cosnadh airgid tro dhreuchd shamhraidh a tha a’ còrdadh riutha!”

 

Tha pròiseact nan Cèilidhean air Chuairt air a bhith air leth soirbheachail thar nam bliadhnaichean agus air an t-samhradh seo bidh na cuairtean a’ ruith ann an sia sgìrean: Siorrachd Rois, An t-Eilean Sgitheanach is Loch Aillse, Loch Abar, Cataibh, Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Sgìre Phàirce Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh.

 

Tha buill nan Cèilidhean air Chuairt air tòiseachadh le seachdain trèanaidh aig Fèis Alba ann an Sgoil Chiùil an Gàidhealtachd air a’ Phloc, far a bheil iad air a bhith ag obair còmhla ri luchd-ciùil ealanta mar Blair Dùbhghlas, Anna Massie, Donal MacGilleDhuinn agus Allan MacEanraig.

 

Bidh na com-pàirtichean a’ gabhail pàirt ann an consart air 14 Iuchar ann an Ionad Fàs aig Sabhal Mòr Ostaig còmhla ri cleasaichean òga bhon Sgoil Shamhraidh Dhràma a tha a’ ruith aig an aon àm ann am Port Righ.

 

An dèidh trèanadh fhaighinn thèid na còmhlain air an rathad a’ siubhal gu àiteachan air feadh taobh siar na h-Alba mar Dhiùranais is a’ Chomraich, is coimhearsnachdan eileanach mar Mhuile is Eilean nam Muc.  Tha na consartan uile fosgailte don phoball, ‘s bidh iad tarraingeach do dhaoine aig bheil ùidh ann a bhith a’ dannsa.  Leis gu bheil na Cèilidhean air Chuairt gu bhith a’ nochdadh ann an iomadach sgìre thar an t-samhraidh dèanaibh cinnteach nach caill sibh iad!

 

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air an làrach-lìn againn http://www.feisceilidhtrails.org

Source: Fèisean nan Gàidheal