Fèis Cèilidh Trails hit the road

9 Jul 2012 in Gaelic, Music

Summer has arrived and although the school holidays have started, young people across Scotland are busy with Fèisean taking place in many areas.

The Cèilidh Trail participants have been training and preparing their sets at Fèis Alba, being held at the Centre of Excellence for Traditional Music at Plockton High School for the forthcoming tours in their own areas.

This year there are 7 Cèilidh Trails taking place run by Fèis Chataibh, Fèis an Earraich, Fèis Lochabair, Fèisean a’ Mhonaidh Ruaidh, Fèis Rois, Fèis Latharna and, for the first time, Fèis Fhoirt are delighted to establish a Cèilidh Trail in the Stirling and Trossachs area.

During the fortnight at Fèis Alba, participants have the opportunity to receive training and support from some of the most talented Highland musicians including; Anna Massie, Mairearad Green, Ingrid Henderson, Donal Brown, Mary-Ann Kennedy and Blair Douglas.

Once they have completed their training in Plockton, the Cèilidh Trails will take to the road, touring local venues and providing events in their areas. Before that, the Cèilidh Trail groups will team up with the Gaelic Drama Summer School participants for a night of music, song an drama at the Fàs Studio in Sabhal Mòr Ostaig at 7.30pm on Thursday 12 July.

Arthur Cormack, Fèisean nan Gàidheal’s Chief Executive said: “The Fèis Cèilidh Trails provide an excellent opportunity for young people to hone their performance skills and to gain valuable training from some of our top performers. We are very grateful to Highland and Argyll LEADER programmes, Highlands & Islands Enterprise and Creative Scotland for their ongoing support of the Cèilidh Trails.”

“Not only do the young people get enjoyment and employment from the Cèilidh Trails, but tourists also get to hear some of our traditional music and songs and they are expected to play in front of at least 6,000 people”, he said.

For the latest information and gig listings go to http://www.feisean.org/downloads/CTBooklet.pdf

In another development, Fèis Rois will be working with the TMSA to deliver a series of events called Trad Trails to mark the Year of Creative Scotland. Further information can be found about the events at http://www.tradtrails.org.uk/.

——————–

Ged a tha làithean-saora na sgoile air tòiseachadh, chan eil guth air fois le Fèisean a’ tachairt air feadh Alba agus còrr is 100 cèilidh ron òigridh a bhios a’ gabhail pàirt ann an Cèilidhean air Chuairt.

Tha compàirtichan nan Cèilidhean air Chuairt air a bhith a’ cruinneachadh aig Fèis Alba ann an Àrd-sgoil a’ Phluic far am bheil iad air ullachadh a dhèanamh airson nan seachdainean trang a tha romhpa nuair a thèid iad air an rathad.

Tha seachd Cèilidhean air Chuairt gu bhith air an ruith eadar Fèis Chataibh, Fèis an Earraich, Fèis Lochabair, Fèisean a’ Mhonaidh Ruaidh, Fèis Rois, Fèis Latharna agus airson a’ chiad uair am bliadhna bidh Cèilidh air Chuairt air a chur air bhonn le Fèis Fhoirt timcheall air Sruighlea agus Na Tròiseachan.

Fad chola-deug bidh an òigridh bho na diofar chuairtean a’ faighinn trèanadh bho shàr luchd-ciùil na Gàidhealtachd; nam measg Anna Massie, Mairearad Green, Ingrid NicEanraig, Donal MacIlleDhuinn, Màiri Anna NicUalraig agus Blàr Dubhghlas.

An dèidh dhaibh an trèanadh sa Phloc a chrìochnachadh, bidh na Cèilidhean air Cuairt a’ gabhail an rathaid mhòir le tachartasan anns na sgìrean aca fhèin. Air thoiseach air sin, ge-tà, bidh muinntir nan Cèilidhean air Chuairt agus compàirtichean na Sgoil Shamhraidh Dràma a’ tighinn còmhla airson oidhche de cheòl, òrain agus dràma aig Sabhal Mòr Ostaig Diardaoin 12mh Iuchar aig 7.30f ann an Stiudio Fàs aig a’ cholaiste.

Thuirt Art MacCarmaig, Ceannard Fèisean nan Gàidheal: “Tha na Cèilidhean air Chuairt a’ toirt cothrom air leth don òigridh an cuid sgilean adhartachadh airson na h-àrd ùrlar agus trèanadh luachmhor fhaighin bho shàr luchd-ciùil. Tha sinn gum mòr an comain LEADER air a’ Ghàidhealtachd agus ann an Earra-Ghàidheal, cho math ri Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Alba Chruthachail airson taic a chumail ris na Cèilidhean air Chuairt.”

“Chan e a-mhàin an òigridh a bhios a’ faighinn obair agus tlachd bhuapa, ach bidh luchd-turais a’ faighinn blasad de cheòl agus òrain traidiseanta nan sgìrean far a bheil iad a’ tachairt agus dùil aca a bhith a’ cluich air beulaibh còrr is 6,000 duine”, thuirt e.

Gheibhear fiosrachadh mu na cèilidhean uile aig http://www.feisean.org/downloads/CTBooklet.pdf

Ann an leasachadh eile bidh Fèis Rois agus an TMSA co-obrachadh air sreath thachartas air feadh Alba fon ainm Trad Trails a’ comharrachadh Bliadhna Alba Chruthachail. Gheibhear fiosrachadh mun deidhinn aig http://www.tradtrails.org.uk/

Source: Fèisean nan Gàidheal