Brian Ó hEadhra

10 Jul 2003 in Gaelic

Brian Ó hEadhra reports on his work as Gaelic Youth Development Officer for Highland Region.

(An English summary is available at the foot of the article)
FEUMAIDH mi aideachadh gu bheil mi gu math fortanach le mo bheatha.  Tha mi a’ fuireach ann an Inbhir Nis, àite, nam bheachdsa, a tha gu math brèagha is beòthail.  Tha dreuchd(an) is caraidean sgoinneil agam agus tha mo bhean Fiona, an còmhnaidh taiceil agus brosnachail dhomh.  Tha mi fortanach gu dearbh.

Ghluais mi fhìn is Fiona gu Inbhir Nis anns an t-Sultain an-uiridh.  Ron sin bha sinn a’ fuireach ann an Nis, air taobh tuath Eilean Leòdhais.  Bha mi nam mhanaidsear, airson bliadhna, aig Taigh Dhonnchaidh – Ionad Ealain is Ciùil; os cionn phròiseactan mar – Fèis Taigh Dhonnchaidh, Ceòl Nis, Fèis nan Òran, Sgoil Shamhraidh (Sgoil-Ghàidhlig), taisbeanaidh ealain, consartan, ‘s clasaichean eadar-dhealaichte.   Thòisich mi ag ionnsachadh Gàidhlig bliadhna ron sin aig Sabhal Mòr Ostaig far an d’ rinn mi fhìn ‘s Fiona cùrsa bliadhna.

Bha ùidh mhòr agam an còmhnaidh ann an Gàidhlig.  Chaidh mo thogail ann an Èirinn agus feumaidh tu Gaeilge a dhèanamh anns an sgoil.  Bha tòrr de na caraidean agam an aghaidh an siostaim seo ach bha mise làn toilichte Gaeilge ionnsachadh.   Nuair a bha mi nam dheugair òg chaidh mi dhan colaistean samhraidh ann an Conamara, taobh siar Èirinn,  far nach robh cead agad Beurla a bhruidhinn idir airson 3 seachdainean!  Bha eòlas agam, fiùs aig an aois sin, gun robh cànain is cultur nan Gàidheal ann an suidheachadh cunnartach agus bu chòir dhuinn, gu lèir, barrachd taic is brosnachaidh a thoirt dhith.

Fhuair mi ceum ann am Beul-aithris agus Beurla aig Oilthigh Colaiste Bhaile Àtha Cliath agus chaidh mi dìreach a-steach gu saoghal nan ceòladair proifeiseanta.  Rinn mi clàran is turasan timcheall an t-saoghail mhòir leis a’ chòmhlan ciùil Cheilteach Anam, a chur mi air chois ann an 1993.  Ged nach robh mi ag obair dìreach ann an saoghal na Gàidhlig bha mi ag àrdachadh a’ chànain leis na h-òrain Gàidhlig, ùr is traidiseanta, a sheinn mi leis a’ chòmhlan.

Ghluais Anam gu Alba ann an 1997 oir bha barrachd obair againn an am Breatainn ag an àm sin.  Cha do dh’fhairich mi riamh mar choigreach ann an Alba.  ‘S e Gàidheal a th’annam agus tha mi a’ faireachdainn cho comhfhartail ‘s a ghabhas a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd ‘s a’ bruidhinn Gàidhlig na h-Alba gach latha.

An dràsta tha mi ag obair mar Oifigear Leasachaidh Òigridh airson Comunn na Gàidhlig ann an Inbhir Nis.  Dè tha sin ciallachadh?  Uill, tha mi a’ leasachadh tachartasan is cùisean airson òigridh le Gàidhlig taobh a-muigh àm na sgoile.  Bidh mi gu h-àraidh a’ toirt taic is stiùiridh do bhuidhnean Shradagan.  Is e buidhnean coimhearsnachd tro mheadhan na Gàidhlig do chloinn aois 5-12 bliadhna a tha ann an Sradagan.  Tha Sradagan a’ brosnachadh cloinne gus Gàidhlig a chleachdadh còmhla ri an leithid fhèin ann an suidheachadh neo-fhoirmeil.  Tha mise os cionn sgìre na Gaidhealtachd far a bheil 18 buidhnean le bun-reachdan.  Tha tòrr siubhal an lùib nan obrach le iomadh buidheann sgapte air feadh na Gaidhealtachd.

Bidh fhios aig duine sam bi a tha an sàs le clubaichean òigridh gur e obair gu math trom a th’ann, gu tric gun phàigheadh, is gu mi-fhòrtanach, gun taing.  Tha mise an seo airson taic, stiùireadh, is brosnachadh a thoirt don luchd-obrach/saor-thoileach.  An dràsta is a-rithist bidh daoine dol a-steach dhan bhuidhnean airson bùithtean-obrach a dhèanamh leis a’ chloinn.  Bidh cuspairean againn mar ealain, ceòl, seinn, geamannan, spors, dannsa, agus tha sinn an còmhnaidh a’ lorg inbhich le Gàidhlig airson stiùireadh/obair a dhèanamh leis na buidhnean.  Bidh sinn a’ tairgsinn làithean trèanadh airson luchd-obrach agus tha poileasaidh Dìon-chloinne làidir againn cuideachd.

Ged a bhios mi glè thrang le obair ChNAG tha mi an sàs le cùisean gu leòr eile ann an Inbhir Nis.  Tha mi nam stiùiriche-ciùil airson Hootananny, taigh-seinnse cèilidh, far a bheil ceòl ann 7 oidhcheannan gach seachdain.   Tha tòrr uallaich agam leis an obair seo; ceòladairean fhaighinn, àiteachan fuirich, sanasachd, m.s.a.a.  Tha mise fhathast cuideachd, a dèanamh agus a’ teagaisg ciùil.  Bidh mi a’ cluich is a’ seinn còmhla ri ceòladairean air a’ Ghàidhealtachd agus tha clàr ùr agam fhìn is Christine Primrose a’ tighinn a-mach a dh’aithghearr leis an tiotal ‘An Turas’.  Bidh pròiseactan ciùil ùra an còmhnaidh a’ nochdadh.

Tha mi nam stiùiriche fhathast airson Fèis nan Òran ann an Nis (seo fèis a tha brosnachadh òrain traidiseanta bho Alba is Èirinn).  Tha mi air bòrd stiùiridh Ceòl Beò, iris a tha a’ brosnachadh ciùil ann an sgìre Inbhir Nis.   Chuir mi air chois, còmhla ri Daibhidh Boag, dà bhuidheann Gàidhlig ann an Inbhir Nis.  ‘S e buidheann Gàidhlig neo-fhoirmeil a tha ann an Cothrom Còmhraidh, a bhios a’ tachairt ann an Hootananny gach Oidhche-luain.  ‘S e buidheann co-obrachaidh a tha Fòram Gàidhlig Inbhir Nis.  Bidh am Fòram a’ coinneachadh gach ràithe airson cothrom a thoirt do bhuidhnean Gàidhlig ann an sgìre Inbhir Nis conaltradh a dhèanamh le chèile.

Mar a chi sibh, tha mi gu math trang nam bheatha.  Ach tha mi gu math taingeil gu bheil cothrom agam taic a thoirt don chànain is cultur sònraichte againn ann an Albainn is Èirinn airson adhartas a dhèanamh.

English Summary

Brian Ó hEadhra (pronounced Bree-an Ohara) and his wife Fiona Mackenzie settled in Inverness last September and have both been heavily involved in the Gaelic and Arts scene in the city since that time.  Brian is delighted to be able to work in the promotion of Gaelic language and culture; a subject he has always held close to his heart.

Brian started learning (Irish) Gaelic while in school in his native Dublin city.  After a degree in Folklore and English, Brian started the acclaimed Celtic music band Anam who eventually ended up relocating to Scotland.   Three years ago Brian and Fiona went to Sabhal Mòr Ostaig (Scotland’s Gaelic college on Skye) to take a year course in Gaelic.  Then they moved to Ness, Isle of Lewis, where Brian managed many interesting arts and cultural projects at Taigh Dhonnchaidh – Arts & Music Centre.

Now employed with Comunn na Gàidhlig in Inverness, Brian is kept busy as a Gaelic Youth Development Officer for the Highland Region.  This mainly involves developing and supporting the Gaelic youth club movement called Sradagan.  Brian is also the music manager for Hootananny – Cèilidh Café Bar in Church Street, Inverness, as well as continuing a part-time music career.  He is a founding member of the Gaelic conversation group – Cothrom Còmhraidh in Hootananny, and also the Inverness Gaelic Forum.
© Brian Ó hEadhra, 2003