Sgeulachdan nan Leum a Bheul Gu Beul – Gaelic Storytelling Project

10 Aug 2003 in Gaelic, Writing

Màrtainn Mac an t-Saoir reports on the work of the Gaelic Storytelling project

(An English summary is available at the foot of the page)

Chan eil fhios’m dè am beachd a bhiodh aig Iain Francis Caimbeul no Calum Mac Gilleathain air an leasachadh is am piseach a tha air tighinn air aithris sgeulachdan sa bheagan bhliadhnachan a dh’fhalbh, ach ’s i fìrinn na cùise gu bheil barrachd is barrachd dhiubh gan innse ’sa Ghàidhlig le sean is òg, thall is a-bhos air feadh na dùthcha. Feadhainn dhiubh mar bhunait airson dràma, cuid eile mar dhòigh air cur ri sgilean leughaidh is litreachais. Airson a’ mhòr chuid ge-ta ’s e guth tlachdmhor agus innse shnasail aon duine a tha air na tha cruinn cothrom còmhla mu choinneamh a thoirt do shaoghal dìomhair na macmeanmna.

Inmhich gan co-pàirteachadh le inbhich, inbhich gan tiodhlacadh do chloinn, clann gan innse dha chèile is do phàrantan.  Seann sgeulachdan a’ caitheamh dhiubh an dust is an riochdan marbha is gan sgeadachadh fhèin airson èisdeachd a tha dha-rìribh beò san linn seo. Naidheachdan gan cruthachadh as ùr mar a rinneadh riamh air turasan-beatha is gnothaichean annasach. Mar sin seann chur-seachad air ais an trèine a neirt? Cha chanainn buileach fhathast, ach gun teagamh sam bith, thathar a’ cur barrachd meas air stòiridhean matha air an deagh ghabhail na bha o chionn deannan bhliadhnachan.

Ach ciamar, cò, càite is carson?

Ciamar?
Le beul, sùilean, lamhan, blàths is cuimhne meadhanach math.

Cò?
Tha grunn dhaoine a-nist an sàs ann a bhith ag innse sgeulachdan gu cunbhalach sna coimhearsnachdan aca fhèin agus an taobh a-muigh dhiubh sin a-rèir iarratais is miann. Tha feadhainn a-nist a’ faighinn a’ chosnaidh no pàirt dheth às an obair agus tha an àireamh de sgeulaichean Gàidhlig a tha aithnichte is clàrte air directoraidh oifigeil Forum nan Sgeulachdan a sìor fhàs. Tha mòran eile ag obair gu saor-thoileach, ag innse sgeulachdan do chloinn is dha chèile o chionn’s gur e sin an rud as toigh leotha a bhith dèanamh. Coltach ris a h-uile ealan Gàidhlig gheibhear gluasad gu leòr air ais is air aghaidh eadar dà cheann na spectrum sin. ’S e an rud as cudtromaiche gu bheil am barrachd mòr dhaoine a’ dol an sàs annda agus tha a’ bhuannachd ga faireachdainn ann an caochladh thaobhan nam beatha.

Càite?

Tha obair mhòr air a bhith ga dèanamh ann an trì sgìrean sònraichte o chionn beagan is trì bliadhna agus tha toradh nan iomairtean sin a-nis nochdte ’sna coimhearsnachdan fa leth.

Bhon Ghearran 2001, tha Chrisella Ross air a bhith a’ saothrachadh làn-ùine fo sgèith Pròiseact nan Ealan Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar. Tha a h-oidhirpean is a dealas agus an tàlant foghainteach a-measg an t-sluaigh air tòrr mòr misneachd is ùidh a bhrosnachadh bho Cheann Bharraigh gu Sùlaisgeir.

Tha deasaich air a bhith a’ tadhal mu thuath, tuathaich air sgrìoban a thoirt gu deas, buidhnean-òigridh Sradagan air a bhith cèilidh air gaisgich an àite is air a’ chèile, tha Comainn Eachdraidh nam boil, pàrantan a’ caitheamh bhuapa nan leabhraichean aig àm chur na cloinne a chadal, seanairean is seanmhairean gan ceasnachadh gu bonn am bròg, sgeulaichean bho Thir Mòr air am beartas fhosgladh do mhuinntir nan Eileanan, seanachaidhean bho na h-Eileanan air luach an eòlais a chur an cèill do chloinn is inbhich nam bailtean, agus san Iuchar 2003 ann am Washington, USA.

Sin direach blasad de dh’ obair Chrisella a tha sìor dhol am feabhas. Chaidh am pròiseact a mhaoineachadh le grunn bhuidhnean poblach ionadail agus le taic shònraichte bho SAC National Lottery Access and Participation Scheme. Anns a’ Mhàrt 2003, fhuaireadh brath gun do shoirbhich le tagradh airson dà bhliadhna eile de leasachadh. ’S i Chrisella a bhios a’ cur nam plànaichean sin an gnìomh agus tha e mar phrìomhachas thar an dà bhliadhna a tha roimpe, na ’s urrainn de bhuidhnean is tachartasan a tha air tighinn air adhart cho mòr a stèidheachadh gu tur ‘air an casan fhèin’.

Ann an DùnEideann, Glaschu is Obair Dheathain ghabh pròiseact air a bheil Sgeulachdan a’ Bhaile tro oifigear-leasachaidh Noeleen Ni Cholla ceumannan mòra eadar An Lùnadal 2002 agus An Gearran 2003. B’ e rùn na h-obrach seo, brosnachadh is co-òrdanachadh a thoirt air na bha tachairt mar-tha, sgeulaichean ùra a lorg agus bunait-leasachaidh na bu treasa fhàgail as a deaghaidh. Chaidh aig Noeleen air sin uile a choileanadh. Nist an àite tuilleadh dhen aon seòrsa leasachaidh, thathar an dràsda ag amas air Club Gàidhlig a chur gu dol, an toiseach an DùnEideann, far am faodadh daoine tighinn ann can uair sa mhìos is Gàidhlig a chluinntinn is a bhruidhinn ri chèile. Chuireadh an club air dòigh tachartasan inntinneach tro mheadhan na Gàidhlig. ’S ioma sgeulachd a dh’ èireas gu nàdarra às a’ sin ma shoirbhicheas leis.

Air Ghàidhealtachd, an sgìre Rois, tha Fèis Martinmas air taic-airgid a bhuannachd airson pròiseact air a bheil The Merry Dancers a ruith thar dà bhliadhna bho earrach 2003. Togaidh Bob Pegg, an oifigear a bhios an sàs ann, air an obair phrìseil a tha e fhèin is Màiri Nic Artair air a bhith strì gu dùrachdach ris, o chionn còrr air còig bliadhna – sin a bhith a’ clàradh is a’ toirt gu aire an t-sluaigh dualchas luchd-siubhail na Gàidhealtachd. Bidh Bob gu h-àraid trang an dlùth-dhàimh ri Ailig Iain Mac Uilleim aig a bheil saoghal bràth de sgeulachdan is naidheachdan is òrain ri thoirt seachad sa Ghàidhlig cho math ris a’ Bheurla.

Cuideachd ann an sgìrean eile tha Fèis Sgeulachdan an Eilein Sgitheanaich, sa Chèitean, a’ dol gu math agus am bliadhna sa bha Cathie Mary Nic a’ Mhaolain a Leòdhas a’ cur brod na Gàidhlig rithe.  Aig Fèis an Eilein, an Slèite, san Iuchar 2003, dh’ inns Màrtainn Mac an t-Saoir sgeulachdan do làn-taighe do luchd-amharc mar phàirt de oidhche chìuil le At First Light, còmhlan ainmeil bho Èirinn. Chaidh an oidhche air fad a lìbhreagadh tron Ghàidhlig no Gaeilge le mòran a’ faighinn eadar-theangachaidh tro chluasan-cinn. Na bu tràithe air a’ bhliadhna ann an Inbhir Nis chuir Comann na Gàidhlig agus ArtsPlay buidhnean-obrach mu sgeulachdan air dòigh do thidsearan, pàrantan is inmhich a bhios ag obair le òigridh. Cuideachd fhuair a’ chlann fhèin aig Fèis na h-Òige cothrom an cluinntinn air an dearbh latha.

Sin ma-tha cuid dhe na tha dol – is cha bheag sin. The e follaiseach gu bheil sgeulachdan a’ còrdadh ri daoine aig diofar ìrean nam beatha is gu bheil fèill orra agus feum annda. ’S e dùbhlan a bhios ron leasachadh air an tug mi iomradh gu h-àrd, rathad rianail is structairean a lorg a nì cinnteach gun tèid a neartachadh mar as iomchaidhe air feadh Alba gu lèir. ’S neònach mar a bi pàirt dhen fhuasgladh an crochadh air airgead ach bidh tòrr dheth an eisimeil lèirsinn, co-obrachaidh is planaidh. Tha Forum nan Sgeulachdan Gàidhlig an tòir air adhartas.

English summary – Stories leaping from mouth to mouth

Gaelic storytelling is currently experiencing an exciting renaissance in a range of settings through a number of integrated initiatives. The Gaelic Storytelling Forum has been instrumental in supporting this movement and draws representation from a broad range of Storytellers, Arts Organisations, Educationalists, Local Authority representatives and committed individuals.  An independently commissioned report in July 2000, Storytelling in the New Millennium, undertaken by John Storey, outlined demand for stories and recommended development priorities. These have been addressed through three closely linked independent projects; in the Western Isles managed by The National Gaelic Arts Agency, in the cities of Aberdeen, Glasgow and Edinburgh by The Scottish Storytelling Forum led Sgeulachdan a’ Bhaile, in Ross-shire by Tales of Martinmas – The Merry Dancers which focuses on Highland Traveller tradition. In addition more and more schools, historical societies, community organisations, youth clubs and Fèisean are incorporating storytelling into their programme of activities.


For more information contact –