Torcuil MacRath on Henry David Thoreau

7 Sep 2003 in Gaelic, Writing

 

H D Thoreau’s bodaich a b’aithne dhomh

Gaelic writer TORCUIL MacRATH is the subject of a profile by Peter Urpeth this month. This essay on the American transcendentalist writer Henry David Thoreau first appeared in the Gaelic literary journel Gairm, and is reprinted with the author’s permission.

GED IS ANN mar sgrìobhaiche tha Henry David Thoreau ainmeil, bha taobh eile air. ‘Se duine air leth làmhcharach a bh’ann dheth. gu ìre ‘s gun cuireadh e a làmh ri ceaird sam bith a bh’ann ‘na la.

Rugadh e ann an Concord Massachusettes sa’ bhliadhna 1817. Anns a’ bhliadhna 1845 friuair e làmh-thuagh air iasad bho charaid ‘s chaidh e don choille far na thog e bothan. “Bha a làmh-thuagh ud”, ars esan, “fada na bu gheura la sguir mise leatha na bha i là dh’fhalbh mi leatha.”

‘Bothan’, b’e sin a dhachaigh fad da bhliadhna agus rè na h-ùine sin bha e a’ cosnadh a bhith-beò le obair a làmhan a-mhàin. Sin cuideachd far na sgrìobh Tobh e an leabhar ainmeil sin Walden.

Aig an àm ud bha na h-lnnseanaich Ruadha na bu phailt an Ameireaga na tha iad an-diugh. Bha uidh mhòr aig Thoreau annta. Nam biodh deasbad eadar na h-lnnseanaich agus na Daoine Geala, mar bu trie a bha, chanadh Thoreau gur h-ann aig na Daoine Ruadha bu docha an fhìrinn a bhith air a lorg. “Fhuair”, ars esan. “an Duine Ruadh aon seòrsa de thaisbeanadh agus an Duine Geal seorsa eile.”

‘S dh’ftiaodadh duine a radh mu dheidhinn ftiein nach robh ann dheth, gu spioradail, ach Innseanach agus e an deis foghlam fhaighinn. Bha esan cuideachd a’ gluasad a-rèir an taisbeanadh a fhuair e a-measg cnuic is coilltean Massachusettes. Agus an cois an taisbeanaidh sin bha e nochdadh spiorad agus inntinn neo-eisimeileach.
Saoilidh mi gum faic mi a-measg na sgrìobh e, air dhuilleag an siud ‘s an seo, samhladh air bodaich a b’aithne dhomh ‘nam òige – ‘Dòidh’, Murchadh Dhòmhnaill, agus Murchadh Dhòmhnaill a’Chladaich. Chanainn gu robh e air fàilte a chur air na seòid ud. Cuir crannchur is dòigh-bheatha an dàrna taobh ‘s chan eil agad ach an aon treubh. Mas e inntinn neo-eisimeileach an t-slat-thomais, gu cinnteach cha tugadh na bodaich ud bonaid a-nuas do dhuine sam bith na bu motha na bheireadh Thoreau.

‘Se iasgair a bh’ann am Murchadh MacGumaird – Murchadh Dhòmhnaill a’Chladaich mar a chainte ris. Bhiodh e ri na gionmaich le cnapag de dh’eithear Arcach. Cha robh cus ùidh aige ann an obair fearainn, ‘s mar sin b’e am muir àite. Cha robh an Linne ghorm ud idir air a roinn ‘na feannagan. Bha fhacal cho faisg air.

Tha cuimhne aig daoine fhathast air an deasbaireachd a bh’aige ris a’ cheard. Bha ‘n ceàrd a’ tadhal air gun allsadh. Ach an turas seo thuirt Murchadh ris: “Tha thu a-nis a-mach ‘s a-steach a seo mar gum biodh tu a-mach ‘s a-steach à teanta do nàbaidh”. “Tha”, ars an ceàrd, “tha tasdan agad ri thoirt dhomh fhathast airson a’ pheile thug mi dhut”. “Tasdan a bhròinein”, fhreagair Murchadh. “an còrr chan fhaigh seo fhads a bhios tu toirt gliong air tuana”.

Mar bu tric bhiodh dà bhalach òg còmhla ri Murchadh anns an eithear, agus a bhliadhna bha siud b’iad sin Dòmhnall MacFhionghuin agus Seòras MacRath. Bha na giomaich pailt gu leòr, ach cha robh prìs orra mar a th’ann an-diugh. Gun teagamh, chan eil an giomach ach gann air a’chladach ud a-nis, ma tha e idir ann.

Co-dhiù a’ mhadainn a bha seo ‘s i a’ fàs fiadhaich, bha na fir deiseil gus feuchainn air Steòrnabhagh a reic nan giomach. Bha an eithear am beul na mara agus Seòras is Murchadh ‘na cois, ach thàinig fios nach robh  Dòmhnall a’ dol ann, gu robh an là ro chunnartach. Nuair a chuala Murchadh seo thionndaidh e ri Seòras, “Sheòrais, sàth a-mach i. Tha anam againn fhìn a cheart cho math ‘s tha aig Dòmhnall aca-san.”

Bha a’ ghaoth a-muigh a deas is i a’ togail a cinn. Bha an eithear fo sheòl. Nuair a bha iad a’ dol a-steach Loch Steòrnabhaigh, ‘s iad mun taigh-sholais, ghabh an eithear droch cnap mara às a dèidh, ach rinn iad an cidhe dheth gu sàbhailte. Dh’fhàs an aimsir cho dona ‘s gun tàinig orra an oidhche chur seachad ann a Steòrnabhagh. Bha Seòras a riamh a’ cumail a-mach gun tug an cnap mara ud atharrachadh air Murchadh.

Greis às dèidh sin ‘s e nis ‘na shaor, chaidh Seòras a chèilidh air Murchadh. “Sheòrais, is math gu faca mi thu,” ars esan, “Tha fiodh math agam, agus ‘sann a ni thu leabaidh dheth”. ‘S abair fiodh cuideachd giuthas dearg. Thoisich Seòras air a leabaidh. “Murchaidh” ars esan, “chan eil bòrd-slios agad”. “Chan eil, a Sheòrais”, fhreagair Murchadh, “tha am bòrd-slios a-steach bun an loch leis an tìde-mhara.”

Sann bhàrr na mara bha Murchadh air am fiodh a thogail. Bheireadh Murchadh a bheachd seachad ann an còmhradh goirid geur. ‘S dòcha nach fhaicear a sheòrsa tuilleadh bho dh’fhalbh an taigh-cèilidh ‘s bho thàinig an telebhisean. ‘Se call a th’ann gu bheil tòrr dhe na thubhairt e a-nis air dìochuimhne.

A-rèir Thoreau bha fiosrachadh air leth aig na h-lnnseanaich Ruadha agus gun teagamh bha sin aca, gu h-àraidh a thaobh beatha is bàs. An e cho faisg ‘s a bha iad air fìor ghnè an duine an t-adhbhar gu robh iad mar sin?

Bha am beatha sìmplidh. Chanainn fhìn gur h-ann às a sin bha am fiosrachadh ag èirigh. Ach chan eil an sin ach mo bheachd fhìn.

Chì sinn, ge ta, anns an iomradh a bheir mi air an ath bhodach, gu robh am fiosrachadh sin a-measg nan Gaidheal cuideachd. ‘Se piuthar mo sheanmhar am boireannach a tha air a h-ainmeachadh anns an iomradh seo.

Chan eil fios agam an robh i fada tinn. Co-dhiù chaochail i trath air a’ mhadainn. ‘Se samhradh a bh’ann. Thaobh agus gu robh e cho tràth, thàinig e a-steach air muinntir an taighe nach bu chòir dhaibh draigh a chur air duine gus an gluaiseadh am baile. Ach cha robh iad fad ann nuair a chualas gnogadh aig an doras. Cò a nichd a-steach ach Dòmhnall MacLeòid ris an cainte ‘Dòidh’.

“Dh’fhalbh Peigi” ars easan.”Dòidh”, ars iadsan, “cionnas tha fios agad air a sin?” “Tha”, fhreagair e, “dhùisg i mi an uair a dh’falbh i. Bha e a’ dèanamh dragh dhomh gum biodh sibh nur h-aonar”.

‘Se eildear a bh’ann dheth – eildear a bh’ann dheth – eildear a bha a-mach às an àbhaist. Anns an là bha siud bhiodh am Ministear ag iarraidh tòrr urraim, ach cha robh aig ‘Dòidh’ ach an aon urram dha na h-uile. “Dhòmhnaill”, ars am Ministear ris, “chan fhaca mi sibh aig cùirt an t-seisein”. ‘S mathaid le na facail sin gu robh am Ministear an dùil duine mòr a dhèanamh dheth fhèin. Ma bha, cha robh am bodach ud fada a’ leigeil a’ghaoth às na siùil aige.

“Chaluim, a bhalaich”, arsa ‘Dòidh’, “tha seisean ann a sin an seisean agadsa. Ach bha mi ann ‘s chan fhac’ thusa mi.”

Ach chan fhaod mi dìochuimhne a dhèanamh air bodach eile bh’anns an nàbachd. B’esan mar a b’fheàrr a b’aithne do dhaoine e. ‘Sann air a b’eòlaiche mis’. ‘Se bodach inntinneach a bha seo. Duine aig an robh grèim math air a smuaintean fhèin. Nam bruidhneadh e air creideamh ‘se a chòmhradh fhèin a bhiodh aige ‘s cha b’e còmhradh duine eile. A-rithist, bha e a’gluasad a-rèir an t-seallaidh a bh’aige ‘s cha b’ann mar a bhreithnicheadh an eaglais. ‘Se chanadh e, “Cò iadsan co-dhiù a bhàrr air duine sam bith eile? Anns an t-seagh seo bha e na b’fhaisg air an t-seòrsa feallsanachd a bh’aig Thoreau na bha an dithis eile air an tug mi iomradh.

Seo a-rithist bodach eile aig an robh barrachd ùidh anns a’ mhuir na bh’aige san fhearann, ‘s bu dual dha. Thainig a sheanair dhan àite seo aig àm na Fuadaichean – Murchadh Bàn. Thog e bàta air a ‘chladach le làmhan fhèin. Bha feamainn aige fon druim aice ach am biodh e furasda a sàthadh chun na mara. Chan e a-mhàin gu robh e ag iasgach leatha aig na h-Eileanan Mòra ach bha e na’rùn cuideachd seòladh leatha chun an Roinn Eòrpa nan tigeadh cùisean teann air.

Cha bhiodh e a-rèisde ‘na iongnadh ged a bhiodh am bodach a b’aithne dhòmhsa misneachail, ‘s bha e sin. Tha cuimhne agam air is e a-nis ‘na sheann duine a’ togail a pheinnsean. “Tha agam” ars esan, “na tha a’ dèanamh a’ chùis. ‘S ma tha sin aig duine carson a tha e ag iarraidh tuilleadh?” B’e sin am feallsanachd a bh’aig na bodiach ud. ‘S cha bu dona e. Clach air an càrn.

This essay first appeared in Gairm 139.

© Torcuil MacRath, 2003