Gaelic Feature: Robb Kerr
1 Oct 2004 in Gaelic, Highland, Writing
A Tapestry of Influences
RODY GORMAN considers the recent work of poet ROB KERR, the outgoing Writing Fellow at Sabhal Mòr Ostaig in Skye.
Buinidh Rob MacIlleChiar a tha air a bhith ag obair mar Sgrìobhadair aig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach o chionn trì bliadhna do sgìre Thaigh na Bruaich ann an Earra Ghaidheal. Ann an seadh thàinig e air dualchas na Gàidhlig tro bhith a’ cur eòlais air luchd-tadhail a thàinig dhan sgìre, feadhainn aca le “sgeulachdan mìorbhaileach ann am blas-cainnte neònach”. Agus mar a thachras gu tric, mun àm a bha e air brigh nam monaidhean is a leithid a bha mun cuairt air a fhaicinn tro shùilean na Gàidhlig, mar gum biodh, cha robh bodach no cailleach air sgeula ris am faodadh e bruidhiinn mun deidhinn nan cainnt fhèin.
Is e a’ Ghaidhlig a chuir a dh’ionnsaigh na bàrdachd e, tha e ag ràdh, agus chan e a chaochladh. Cha robh ùidh aige ann am bàrdachd mar chuspair mus do chuir e eòlas oirre ann an riochd òrain Dhonnchaidh Bhàin, fear à Earra Ghaidheail agus fear-tathaic bheann. Mar a dh’ionnsaigh e Gàidhlig ‘s ann a thàinig e a-steach air a’ bhàrdachd. Is e aomadh inntinneach a tha an seo bhon dealbh a thug Máirtín Ó Direáin air muinntir Àrainn na h-Èireann na òige aig nach robh ach an Gàidhlig fhèin agus a bhiodh a’labahirt bàrdachd gun fhiosta dhaibh fhèin, ar leis.
Is dòcha, ged is ann airson bàrdachd na Gaidhlig a tha MacIlleChiar a’ cosnadh cliù mean air mhean ann an dòigh a tha cho iriseal agus nach fhaoidte ach a measadh mar thlachd, gu bheil sgrìobhadairean a bhuineas do dhùthchannan eile nas cudromaiche dha, rud a tha math. Ged a tha dàin sa chruinneachadh ùr aige Àiteachadh agus Siubhal (diehard 2004) a thig fo bhuaidh bàrdachd na Gàidhlig o chionn ceud bliadhna, tha guthan mar A’ Bheinn Fhuar, Snyder, Ryokan agus eile a cheart cho làidir ann, mura bheil nas làidire fhèin. Is e tha gam figheadh, mar a thuirt Wallace Stevens (ann an riochd na Gaidhlig) an dòigh fa leth sa bheil e fhèin a’ sealltainn ris an t-saoghal, agus is e sin a tha a comharrachadh a shaothrach seach saothair neach sam bith eile riamh.
Bhon e thathar a-mach air diehard tha MacIlleDchair den bheachd gu bheil e gu math dàna dhaibh bàrdachd (cuspair iomallach) ann an Gàidhlig (a cheart cho iomallach) a chur am follais gun a bhith a’ dol an eisiemeil thionndaidhean gu Beurla. Is e an fhìrinn a tha aige nuair a chanas e gu bheil seo a’ sealltainn earbsa às ùr sa chanan ach ‘s e glè bheag de dh’urram a fhuair seo gu ruige seo. Buidheann-fhoillseachaidh sam bith a tha air cruinneachaidhean gu tur Gàidhlig a chur a-mach mar bhàird mar Mhaoileas Caombeul, Christopher Whyte agus Rody Gorman, tha iad ann an làn dha-rìribh mu chor bàrdachd na Gàidhlig.
Tha e air a bhith na Sgrìobhadair aig Sabhal Mòr Ostaig riamh o 2001.A-nis agus an dreuchd aige air a thighinn gu ceann chan eile e follaiseach dè tha an dàn dhan obair ach, air a char as lugha dheth, tha e mar cjothrom don t-Sabhal, gun tighinn air Oilthigh na Gaidhealtachd, a thaic ri sgrìobhadh ann an Gàidhlig a leigeil fhaicinn gu follaiseach. Chan eil de lethsgeul ann nach eil sgrìobhadairean ùra a’ tighinn air lom. Tha e fhèin ag ainmeachadh Aonghais MhicLeoid gu sònraichte ach tha feadhainn eile ann mar Iain S. Mac a’ Phearsain, Murchadh Dòmhnallach, Babs NicGriogair agus eile a nì cinnteach, ge b’ e dè th’ ann an dan dhan a’chanan agus gu dearbh do ghne a’chànain fhein, cha bhi gainnead bàrdachd oirre san linn sam beò sinn. Seadh, mar a their e fhein.’s ann truagh a tha cor a’ bhàird…agus chan eil cothrom sam bith tuarastal fhaighinn bho bhàrdachd Ghàidhlig.
Ann an Àiteachadh agus Siubhal, tha guthan coimheach, seadh, guthan a tha ùr coimheach, gam fuaigheall gun othail ann an tìr na Gaidhealtachd. Tha sgrùdadh ciùin a’ dol fad na tìde ann. Tha an strì ris a’ chànan fhèin inntinneach agus a’ nochdadh gèilleadh ris seach ceannas air (mar a mhol Eliot). Agus tha e a’ seachnadh guth ud an fhir-teagaisg a thig air lom a dh’aindeoin cho tric ann am bàrdachd na Gàidhlig.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh bho: dieehard, 91-93 An t-Sràid Àrd, Calasraid, Siorrachd Pheairt.
(Rob Kerr, originally from Argyll, has just finished a three year residency as Writing Fellow at the Gaelic College in Skye. His new collection of poems Àiteachadh is Siubhal (diehard, 2004) owes as much to Ryokan, Cold Mountain and Gary Snyder as it does to the Gaelic tradition.)