Gaelic Feature: Dubh-Fhaclan agus Faclan Eile

1 Feb 2005 in Gaelic

Dubh-Fhaclan agus Faclan Eile

RODY GORMAN explores the connection between synaesthesia and creativity in Gaelic
 

Chan eil cho fada nach do ghabh luchd eòlas-giùlain gnothach ri daoine air, no aig, an robh synaesthesia mar dhaoine le Dia, mar gum b’ eadh. Nas miosa buileach, ‘s ann a bhathas den bheachd aig amannan gum biodh sgoltadh-inntinn fhèin a’ cur air an leithid. Tha fianais gu leòr san latha a th’ ann an-diugh mu dhaoine a dh’fhiosraicheas fuaimean, àireamhan is faclan mar dhathan, gun tighinn air inneach fàilidh no am blas a tha air litrichean àraid no an fhuaim a nì ubhal.

Riamh bho àm Aristotle, thathar air a bhith a’ cumail a-mach gu bheil còig de mhothachaidhean ann, mar a tha, gun teagamh: fradharc, fuaim, blas, fàileadh agus beantainn. San latha a th’ ann an-diugh, ge-tà, thathar buailteach air a bhith smaoineachadh gu bheil nas fhaisge air 40 dhiubh ann uile gu lèir – ma bheir sinn a-steach solas, dath, mìlseachd. geòiread, altachadh, gluasad a’ chuirp, brùthadh-fala, at nan sgamhan agus mar sin air adhart.

Dh’fhaoidte agairt gur h-e cànan faireachdainn a th’ ann an Gàidhlig. ‘S dòcha, ge-tà, nach buin seo do chion briathrachais a tha a’ freagairt air cuspairean ùra a rèir is mar a thig, abair, feallsanachd is eòlaidheachd air adhart ach do ghnè a’ chànain fhèin ‘S annasach nach leig sinn leas ach an aon fhacal, mar a tha fairich, a chleachdadh gus a h-uile mothachadh cha mhòr a dh’ainmich Aristotle a chur an cèill.

Tha tomhas farsaing de sheaghan an lùib an fhacail seo – mothaich, fidir, thoir (f)aire, faigh fàileadh, ciallaich, cluinn, caill, faigh grèim, cùm tòrradh, gabh feart ri, bi fo chùram agus smaoinich fhèin. ‘S beag an t-iongnadh, leis cho farsaing agus a tha seo mar fhacal, ged a bhiodh na seaghan a bhios e gan comharrachadh a’ dol an lùib a chèile aig amannan cuideachd. Ann an Gàidhlig, faodar cruthan, dathan, fàileadh, blasad agus fuaimean fhaireachdainn uile gu lèir, gun a bhith na annas idir (mar a tha sa Bheurla fhèin, air a’ chuid as motha dheth).

Nuair a thuirt Uilleam Ros B’fheàrr leam gun d’rugadh dall mi, cò aige tha fios nach ann facal air an fhacal fhèin a bha e ciallachadh na thuirt e gus un tigeadh barrachd faobhair air a mhac-meanmain agus air a chluais dìreach air an adhbhar gun robh e gun lèirsinn, mas fhìor, mar a bha agus, can, am Pìobaire Dall agus an Clàrsair Dall? Tha luchd eòlas-inntinn air rannsachadh a tharraing a-mach a leigeas fhaicinn, ma dh’fhaodas mi a chur mar sin e, gum bi an fheadhainn a tha dall bho àm am breith no bhon òige, a’ cluinntinn nas fheàrr na an fheadhainn aig am bheil fradharc agus gum bi iad a’ faireachdainn no ag aithris ghuthan ùra nas luaithe, gun tighinn air mùthaidhean beaga bìodach ann an àirde-fuaim agus mar a bhios cuimhne ga mosgladh.

Tha a’ chàraid seo de cheòl agus de chuimhne gu sònraichte cudromach ann an coihearsnachd, mar a bha aig na Gaidheil fhèin ann an eachdraidh, agus aithris-bheòil fad’ air thoiseach air sgrìobhadh gus nithean a chur an cèill, a ghleidheadh agus a chur a-null bho ghlùin gu glùin. (Chan eil mi ‘g ràdh, air a shon sin, nach dòcha nach robh ceangal air choreigin eadar synaesthesia agus an dòigh san deach comas-sgrìobhaidh a leasachadh cuideachd.) ‘S urrainn ìomhaigh – aig a bheil a’ chiall abairt cuideachd – stèidhichte chruthachadh gun fhradharc air dòighean eile seach na sùilean – leis an teangaidh fhèin, mar eisimpleir.

Ann an saoghal na Gàidhlig ‘s tric a chluinnear mun a’ cheangal eadar Coilltean Ratharsair Shomhairle MhicGill-Eain agus correspondences Bhaudelaire. Bha Baudelaire air aon den deannan bheachd a chuir an nì seo gu feum mar ealain ann fhèin (mar a rinn agus Baudelaire, Nabokov agus David Hockney, can). Bhiodh e math Gaidheil fhaicinn a’ gabhail brath air an dòigh sam bi mothachaidhean a’ tighinn còmhla gu h-annasach ann an aon fhacal sa chànan aca gus cur ri ìre na buidhne ud ann a bhith a’ cruthachadh ealain air choreigin ga rèir.

© Rody Gorman, 2005