Coiscéim

1 Mar 2005 in Gaelic, Writing

Coiscéim

RODY GORMAN reports on the work of the Gaelic publishers Coiscéim
 

Chaidh leabhar sònraichte a chur air bhog ann am Baile Àtha Cliath bho chionn ghoirid. Is e bh’ ann clàr den a h-uile leabhar a thug am foillsichear Coiscéim am follais bho chaidh a chur air bhonn ann an 1981an dèidh dhan fhoillsichear a bu mhotha ‘s bu thoraiche (a thaobh an litreachais dheth, co-dhiù), Sáirséal agus Dill , tighinn gu ceann. Tha ìre nan leabhraichean air a bheil iomradh san leabhar aig 650, rud a tha annasach. Gu deimhinne, chanadh tu gun robh an àireamh sin car teann ri ìre corpus na Gàidhlig a-bhos air fad.

An làthair air an oidhche gus an leabhar ùr – a thug Coiscéim fhèin a-mach – bha na bàird ainmeil Deirdre Brennan, Louis de Paor, Áine Ní Ghlinn agus Gabriel Rosenstock, rud a tha toirt air chuimhne gur h-e leabhraichean bàrdachd fhèin a tha ann an caob math den stuth a dh’fhoillsich Coiscéim gu ruige seo. An dèidh sin, gheibhear sop às gach seid de leabhraichean sa chlàr.

Is ionann Coiscéim agus Pádraig Ó Snodaigh agus ‘s e bàrd a th’ ann fhèin cuideachd. (Fhuair e urram mu dheireadh thall is a-bhos, aig aois trì fichead ‘s a deich cha mhòr, airson a shaothrach nuair a thug cruinneachadh leis Crón duais Michael Hartnett a-mach an-uiridh fhèin).

Chuir me fhèin eòlas air Pádraig Ó Snodaigh gu goirid an dèidh dhomh sìneadh ri rannan ann an Gàidhlig agus, gu ìre, ann an Gaeilge. Dh’iarr mi air leabhar beag de stuth a rinn mi fhèin a chur a-mach, rud a chuireadh, thuirt e. Thachair sinn agus thog mi ceist mu thionndaidhean Beurla an cois nan dàn ann an Gaeilge. Thug an Snodach sùil orm le iongnadh agus sgreamh agus dh’èigh e mach na mo chlàr: FUCK BÉARLA! ’S gann gu bheil mi air am facal ud a ràdh na fhianais a-rithist riamh on uair sin.

Is e chumas Coiscéim a’ dol na leum gu bheil iad a’ faighinn taice bho Chomhairle nan Ealain ann an Èirinn gach bliadhna agus taic airson a h-uile leabhair an ìre mhath bho Bhord na Leabhar Gaeilge. Ged a tha ìre shònraichte a’ nochdadh gach bliadhna nuair a tha i teannadh ris an deireadh agus airgead a’ Bhùird air a thràghadh agus nuair a chanar ris an fhoillsichear TAIGH NA GALLA DHUT, A SHNODAICH, A BHODAICH! (no nas miosa), tha an t-airgead a thathar a’ faighinn a’ fàgail gu bheil e comasach leabhar a thoirt a-mach gach cola-deug, gun a bhith an eisimeil a sporain fhèin idir.

A-rithist, tha innleachdan ann an saoghal foillseachadh na Gaeilge a dh’fhàgas nach leigear leas ùine gun chiall a chaitheamh air gnothaichean reice ‘s sgaoilidh oir tha buidheann stèidhichte ann an Èirinn, ÁIS, a chaidh a cur air chois a dh’aona ghnothach gus an taobh ud den obair a ghabhail os làimh.

Cuideachd, torach ‘s ged a tha iad, chan eil Coiscéim nan aonar idir. Tha foillsichearan eile Gaeilge ann, mar Chló Iar-Chonnachta, Cois Life agus Lagan Press a bheir leabhraichean snasail a-mach gu math cunbhalach.

San dealachadh, ‘s fhiach ainmeachadh gur h-e foillsichear Gàidhlig a th’ ann an Coiscéim cuideachd. Is iad a chuireas a-mach an iris bhliadhnail de bhàrdachd san dà Ghàidhlig air a bheil An Guth, air an do ghabh Raghnall MacilleDhuibh “uinneag-bhùtha bàrdachd na Gàidhlig”. Tha dà leabhar bàrdachd air a bheith aig Màiri NicGumaraid bho Choiscéim gu ruige seo (agus gun ghin bho fhoillsichear sam bith eile) agus tha an cruinneachadh aig Meg Bateman air a bheil Aotromachd an ìre mhath stèidhichte air a’ chruinneachadh a  thug Coiscéim a-mach fon ainm Amhráin Ghrá. Tha an obair seo air fad air cothrom a thoirt do bhàird leithid Paddy Bushe, Maoilios Caimbeul, Biddy Jenkinson agus Liam Prút obair còmhla agus cur ri corpus nan Gaidheal san fharsaingeachd, rud a bha mar amas aig Coiscéim riamh. Mar a thuirt bàrd eile, Rita E. Kelly, mun t-Snodach:

‘S e làmh làidir a th’ annad
Air gualainn an dream’ ud
A tha gun mhisneachd
Agus a bhios a’ coiseachd
Fo sgàth na h-ùine ri teachd.

The Irish Gaelic publisher Coiscéim has just published their catalogue of books they’ve published since they were established in 1981 – over 650 titles.

© Rody Gorman, 2005