Gaelic panto takes to the road

24 Nov 2012 in Argyll & the Islands, Dance & Drama, Gaelic, Highland, Outer Hebrides

Fèisean nan Gàidheal staff will be out and about between 3 and 10 December with their new Gaelic panto, Gloidhcean agus na Dèideagan Briste (Gloidhcean and the Broken Toys). For the first time since the organisation started touring an annual panto, theatre-goers young and old will have a chance to see the show each night the crew are on the road, with public performances planned across the Highlands and Islands.

 

Gloidhcean was written by Fèisean nan Gàidheal staff themselves, and tells the story of a young lad who neverfulfils his potential as a carpenter. Full of songs, laughs and jokes, it is performed by three members of the organisation’s staff – Angus Macleod, Christine MacIntyre and Dougie Beck. They are joined by Rachel Kennedy, whorecently graduated from the University of the West of Scotland with a degree in Drama.

 

According to Dougie Beck, Fèisean nan Gàidheal’s drama officer: “Meanbh-chuileag, our drama-outreach project, has always had as an aim that pupils in Gaelic-medium education should have the chance to see plays in their own schools if it’s not possible for them to travel, and that is what we are aiming at with Gloidhcean.”

 

Information about tickets for the following public performances can be had on 01478 613355 or from moreen@feisean.org.

 

3 December, 7.30pm: Acharacle Primary

4 December, 7.30pm: Talla Dhonaidh Chaimbeul, Sleat

5 December, 7.30pm: Carinish Hall

6 December, 7.30pm: Clan MacQuarrie Community Centre

7 December, 7.30pm: Spectrum Centre, Inverness

 

Gaelic-medium schools will be visited on the following dates:

 

3 December, morning: Fort William Gaelic Primary

3 December, afternoon: Rockfield Primary School. Oban

4 December, afternoon: Portree High School (with Skye primaries)

5 December, afternoon: Sgoil Dhalabroig, South Uist

6 December, afternoon: Sgoil Lacasdail, Lewis (with Lewis primaries)

7 December, afternoon: Dingwall Primary

10 December, afternoon: Tolcross Primary, Edinburgh

Tha e air do chùlaibh!

 

Bidh luchd-obrach Fèisean nan Gàidheal air an rathad eadar 3 is 10 Dùbhlachd leis a’ phanto ùr Ghàidhlig aca, Gloidhcean agus na Dèideagan Briste. Airson a’ chiad uair bho thòisich a’ bhuidheann a’ cur air dòigh panto gach bliadhna, bidh cothrom aig a’ mhòr-shluagh am panto fhaicinn gach oidhche a bhios an sgioba air an rathad, agus taisbeanaidhean poblach air an cur air dòigh air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

 

Chaidh Gloidhcean agus na Dèideagan Briste a sgrìobhadh le luchd-obrach na buidhne. ‘S ann mu dheidhinn balach òg nach eil uabhasach sgileil a thaobh obair shaorsainneachd a tha an dealbh-cluiche, is tha e làn spòrs, fealla-dhà agus òrain. Bidh triùir de sgioba Fèisean nan Gàidheal a’ cleasachd ann an Gloidhcean – Aonghas MacLeòid, Christine Nic an t-Saoir agus Dougie Beck, agus còmhla riutha bidh Raonaid Cheannadach, a cheumnaich o chionn ghoirid bho Oilthigh Thaobh Siar Alba leceum le urram ann an dràma.

 

Thuirt Dougie Beck, oifigear dràma na buidhne, “Bha e riamh na amas aig Meanbh-chuileag, an iomairt dràma aig Fèisean nan Gàidheal, gum biodh cothrom aig sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig dealbhan-cluiche fhaicinn sna sgoiltean aca fhèin mura b’ e ‘s gun robh e comasach dhaibh siubhal gu àiteannan eile, agus ‘s e sin an t-amas a th’ againn le Gloidhcean.”

 

Gheibhear fios mu thiocaidean airson nan seallaidhean poblach a leanas air 01478 613355 no moreen@feisean.org:

 

3 Dùbhlachd, 7.30f: Bun-sgoil Àth Tharacaill

4 Dùbhlachd, 7.30f: Talla Dhonaidh Chaimbeul, Slèite

5 Dùbhlachd, 7.30f: Talla Chàirinis

6 Dùbhlachd, 7.30f: Talla Bhuirgh

7 Dùbhlachd, 7.30f: Ionad a’ Spectrum, Inbhir Nis

 

Bithear a’ tadhal air sgoiltean Gàidhlig air na cinn-latha a leanas:

 

3 Dùbhlachd, madainn: Bun-sgoil Ghàidhlig a’ Ghearasdain

3 Dùbhlachd, feasgar: Bun-sgoil Rockfield, An t-Òban

4 Dùbhlachd, feasgar: Àrd-sgoil Phort Rìgh (le bun-sgoiltean an Eilein Sgitheanaich)

5 Dùbhlachd, feasgar: Sgoil Dhalabroig, Uibhist a Deas

6 Dùbhlachd, feasgar: Sgoil Lacasdail, Leòdhas (le bun-sgoiltean Eilean Leòdhais)

7 Dùbhlachd, feasgar: Bun-sgoil Inbhir Pheofharain

10 Dùbhlachd, feasgar: Bun-sgoil Tolcross, Dùn Èideann

Source: Fèisean nan Gàidheal